Ceòl ‘s Craic @ Leabhar ‘s Craic

22 March 2014

 

mini 7

 

This event showcased the results of two songwriting initiatives instigated by Ceòl ’s Craic. (www.ceolscraic.org)

The first part of the evening featured young musicians from Glasgow’s East End who have been exploring Gaelic music and culture aided by a stellar mentoring team.

Patsi MacKenzie, our MC for the evening, was joined onstage by Margaret Nicolson, a key player in the project, to introduce MIMA, a five piece band who gave their version of headliner Willie Campbell’s song “M’anam Trom”.

Next up were a trio of rappers. The audience erupted when half way through their rhyming they burst into a Gaelic rap.

They were followed by a young girls choir who delighted the audience with their rendition of “Tha mi Sgìth”.

Bobbi and Morgane performed their own composition “S Tu Mo Rùn” and

the final act was vocal group Eastenders who performed an English/Gaelic version of “Skyscraper”.

This first half of the show was brought to a close with all the kids and mentors taking to the stage for a rousing version of “He Mandu”.

There followed a brief conversation between Patsi and Gaelic music champion Calum Martin who talked about his role in the writing initiative which has resulted in the album “Dalma” by Willie Campbell.

A short film on the project was produced by Fraser Purdie:

http://youtu.be/Op3thVF_6Wo

Campbell, fronting a powerhouse four piece band, launched into “Fir Chlis” a slice of 60′s inspired melodic pop. This was followed by the hypnotic,bass driven “Grunnd Na Mara” which in turn was followed by a stripped down interpretation of bluegrass legends The Louvin Brothers’, “Nearer My God To Thee”.

Campbell’s eclectic influences were evident throughout his set but the whole is bound together by his passionate delivery and love of melody.

Musical collaborator Calum Martin joined Willie and the band to close the evening with the anthemic “Sàmhach”.

This album launch is another milestone for Ceòl ’s Craic as it’s the first release on our new Ceòl ’s Craic record label.

Copies of “Dalma” available now from our website shop.

English-Lyrics-for-Dalma

 

 

Ceòl ‘s Craic @ Leabhar ‘s Craic

 

Bha a’ chuirm seo a’ taisbeanadh toraidhean dà iomairt sgrìobhaidh òrain a chur Ceòl ’s Craic air bhonn. a chur air bhonn le Ceòl ’s Craic. (www.ceolscraic.org)

Bha a’ chiad phàirt den fheasgar a’ nochdadh luchd-ciùil òg bho Thaobh Sear Ghlaschu, a tha air a bhith a’ sgrùdadh ceòl is cultar na Gàidhlig le cuideachadh is stiùireadh bho sgioba comhairleachaidh air leth.

Air an àrd-ùrlar còmhla ri bean an taighe, Patsi NicChoinnich, bha prìomh ghnìomhaiche na pròiseict, Mairead NicNeacail, airson MIMA a chur an aithne don luchd-èisteachd, còmhlan-ciùil de chòignear a thug dhuinn an tionndadh fhèin de dh’òran Willie Caimbeul, “M’anam Trom”.

An uair sin air àrd-ùrlar bha còmhlan-triùir rapairean. Chòrd e gu mòr ris an luchd-èisteachd nuair a thionndaidh iad letheach-slighe gu rap sa Ghàidhlig.

A’ leantainn orrasan bha còisir de nigheanan òga a chòrd ris an luchd-èisteachd leis an òran aca,“Tha mi Sgìth”.

Chuir Bobbi agus Morgane am blas fhèin air “S Tu Mo Rùn”, an t-òran a sgrìobh iad fhèin.

B’ e am buidheann seinn Eastenders a bh’ air àrd-ùrlar mu dheireadh le tionndadh Gàidhlig/Beurla de “Skyscraper”.

Thugadh a’ chiad leth seo den chuirm-chiùil gu deireadh leis a’ chlann agus an luchd-cuideachaidh aca a’ gabhail chun an àrd-ùrlair airson tionndadh brosnachail de “Hè Mandu”.

Bha còmhradh goirid ann an uair sin eadar Patsi agus an gaisgeach ciùil Gàidhlig, Calum Màrtainn, a bha a’ bruidhinn mu dheidhinn a dhleastanas anns an iomairt sgrìobhaidh a bha air toradh anns a’ chlàr “Dalma” le Willie Caimbeul.

Chaidh film mun phroiseact a chruthachadh le Fraser Purdie:

http://youtu.be/Op3thVF_6Wo

Chaidh an Caimbeulach agus a chòmhlan-ciùil spreagail de cheathrar dìreach a-steach do “Fir Chlis”, sliseag de cheòl fonnmhor pop air a bhrosnachadh le ceòl nan 60an. Às dèidh sin, thàinig “Grunnd Na Mara” le taic làidir bhon bheus, agus leanadh seo le mìneachadh grinn de “Nearer My God To Thee” leis an luchd-ciùil ainmeil bluegrass, Na Bràithrean Louvin.

Bha buadhan roghainneach a‘ Chaimbeulaich follaiseach tron t-seat aige air fad ach bha an coileanadh iomlan fighte-fuaighte tro liubhairt dìoghrasach agus a mheas air fonn.

Chaidh an co-oibriche ciùil, Calum Màrtainn, air àrd-ùrlar còmhla ri Willie agus a chòmhlan gus an oidhche a thoirt gu crìch leis an òran làoidheil “Sàmhach”.

Is e clach-mhìle eile a th’ anns an fhoillseachadh seo do Cheòl ’s Craic oir ’s e a’ chiad chlàr a chaidh a sgaoileadh fo ainm chlàran Ceòl ’s Craic.