Seo mi aig Sabhal Mor Ostaig airson a' chiad seachdainn nam dhreuchd ur - Sgriobhadair air Mhuinntearas. 'S e latha breagha, ciuin a th' ann agus tha a' ghrian a' dearrsadh orm tron uinneag. Nam shuidhe an seo, chi mi Mallaig, Morar agus cho fad as ri Ard na Murchan air taobh eile na mara. Abair aite!
Tha mi air coinneachadh ri torr dhaoine bhon luchd-obrach sa Cholaisde agus tha mi a' coimhead air adhart ri coinneachadh ri na h-oileanaich nuair a thilleas iad air ais bho na laithean-saor' aca.Tha mi cinnteach gum bi sgriobhadair no dha a tha sar mhath nam measg.
Tha moran bheachdan ann mur tha mu thachartasan a dh'fhaodar cuir air doigh agus tha mi toilichte ga rireabh bhi ag obair le Artair Donald a-rithist (Neach-ealain Drama na Colaisde). Agus le Mhairi Killin (Neach-ealain Leirsinneach) agus Ceoladair (Mairi Anna NicUalraig) an seo cuideachd, tha mi cinnteach gum bi bliadhna gu math trang againn!
You need to be a member of Creative Futures to add comments!
Join Creative Futures