Live

UgCyRh544E31JVzKMXGlg50Chvs-cqWgdvO6sKiuLy_CW5mGN08sf1ZuUMYAI8pZBA=w1600

project

Visual Art, Literature and Music Residencies

Residency programme for Visual Artists, Gaelic Writers, Gaelic Musicians and Gaelic Drama Artists at Scotland’s National Centre for the Gaelic language, arts & culture in Skye.

BLOG POSTS

Seo mi air ais sa Cholaisde airson seachdainn eile agus, an-diugh, tha sinn gu bhi tòiseachadh buidheann sgriobhaidh ùr Gàidhlig. Tha am buidheann seo airson duine sam bith anns a bheil ùidh ann a bhith sgriobhadh ann an Gàidhlig no fiù ‘s dìreach bhi leughadh obair sa chànan. Tha mi ‘n dochas gum bi deagh choinneamh againn, co dhiù. Bidh sinn a’ coinneachadh a-rithist air an 20mh den Mhàrt.

A bharrachd air sin, tha mi gu bhith a’ gabhail pàirt ann an oidhche Bollywood air Disathairne 09/03 aig 7f anns an TDC. Tha mi gu bhi a’ leughadh pìos bàrdachd le Aonghus Dubh fhads a tha Meena Watts a’ dannsa. Tha mi cinnteach gur e oidhche inntinneach, annasach a bhios ann. Thigeabh ann ma tha sibh mun cuairt!

Seo mi aig Sabhal Mor Ostaig airson a’ chiad seachdainn nam dhreuchd ur – Sgriobhadair air Mhuinntearas. ‘S e latha breagha, ciuin a th’ ann agus tha a’ ghrian a’ dearrsadh orm tron uinneag. Nam shuidhe an seo, chi mi Mallaig, Morar agus cho fad as ri Ard na Murchan air taobh eile na mara. Abair aite!

Tha mi air coinneachadh ri torr dhaoine bhon luchd-obrach sa Cholaisde agus tha mi a’ coimhead air adhart ri coinneachadh ri na h-oileanaich nuair a thilleas iad air ais bho na laithean-saor’ aca.Tha mi cinnteach gum bi sgriobhadair no dha a tha sar mhath nam measg.

Tha moran bheachdan ann mur tha mu thachartasan a dh’fhaodar cuir air doigh agus tha mi toilichte ga rireabh bhi ag obair le Artair Donald a-rithist (Neach-ealain Drama na Colaisde). Agus le Mhairi Killin (Neach-ealain Leirsinneach) agus Ceoladair (Mairi Anna NicUalraig) an seo cuideachd, tha mi cinnteach gum bi bliadhna gu math trang againn!